Songtexte

Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Camhanaich 'g èiridh mar bhàrr air an loch A' goil le chuid èisg, a-nochd bhios 's a phoit Na m' bhalach 's a chidsin tro ghàire is toit 'S ann dluth ris a chianalas a tha mi a-nochd Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Le teaghlach mòr farsaing: am machair 's a bheinn O thig an droch thìde le tàirneanaich 's tuinn Ach thig sinn ri chèile le òran ri sheinn Mo ghaol tha e diongalta 's chì mi am feart Bheir turas dhomh slànachadh dealbh dhomh neart A' deilbh nan sreangan 's a' taghadh nan càird A' fighe ann an dathan le beartas nan beairte Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Dlùth ris an fhearann seo dìleas gu bràth Ach chunnaic i ginealaich a' dìreadh 's a dh' fhàg Nuair thig m' àm 'son fàgail 's mi 'n dòchas nach tràth Bidh rionnag a tuath deàrrsadh na mo cho-thràth Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh' Ar cridhe, cridhe Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
Writer(s): Mackinnon Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out