歌詞
'S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh Griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dìon
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
Òbhan ìri ò
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
'S mòr, mo mhulad, 's mòr
Dhìrich mi dhan t-seòmar mhullaich
'S theirinn mi 'n taigh-làir
'S cha d'fhuair mise Griogal Cridhe
Na shuidhe mun chlàr
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
Òbhan ìri ò
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
'S mòr, mo mhulad, 's mòr
Eudail mhòir, a shluagh an Domhain
Dhòirt iad t'fhuil o'n dè
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d'chrè
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
Òbhan ìri ò
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
'S mòr, mo mhulad, 's mòr
'Nuair a bhios mnàthan òg a'bhaile
'Nochd nan cadal sèimh
'S ann bhios mis' air bruaich do lice
'Bualadh mo dhà làimh
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
Òbhan ìri ò
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
'S mòr, mo mhulad, 's mòr
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
Òbhan ìri ò
Òbhan, òbhan, òbhan ìri
'S mòr, mo mhulad, 's mòr
Written by: Aidan Moodie, Ewen Henderson, Gary Innes, Kim Carnie, Mark Scobie, Mòr Chaimbeul, Ross Saunders, Ryan Murphy