Lyrics

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil Crùbadh ann an dùsal cadail Gun deòrachd a thèid na 's fhaide Truimid mo bhròn, thòirleum m' aigne Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì Smeòrach mis' air mullach beinne 'G amharc grèin' is speuran soilleir Thig mi stòlda chòir na coille - Bidh mi beò air treòdas eile Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì Ma mholas gach eun a thìr fèin Cuim thar èis nach moladh mise Tìr nan curaidh, tìr nan cliar An tìr bhiadhchar, fhialaidh mhiosail? Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì 'N tìr nach caol ri cois na mara An tìr ghaolach, chaomhnach, channach An tìr laoghach, uanach, mheannach Tìr an arain, bhainneach, mhealach Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì An Cladh Chomhghain mise rugadh 'N Àird an Rùnair fhuair mi togail Fradharc a' chuain uaibhrich chuislich Nan stuagh guanach cluaineach cluiceach Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' altrum - Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte Nan long luath air chuantaibh farsaing Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas-lann Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì (Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò) Hoilibheag hilibheag hò-rò ì Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì
Writer(s): Trad, Julie Mairi Fowlis, Edward Francis Doorley Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out