Trail West के शीर्ष गीत
क्रेडिट्स
PERFORMING ARTISTS
Trail West
Performer
COMPOSITION & LYRICS
Macdonald
Composer
Maclellan
Composer
गाने
An Eilean Uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nan beann
Eilean Uibhist mo rùin
B'e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùin
B'e mo shòlas bhith air m' eòlas
An eilean bhòidheach ud thall
Far am faic mi mo chàirdean
'S gheibhinn fàilte nach gann
An Eilean Uibhist mo rùin
Far am faic mi fir òga
Ghearradh mòine nan deann
'S a ghearradh snasail an t-eòrna
'S a chuireadh dòrlach sa bhann
An Eilean Uibhist mo rùin
Far am faic mi fir liatha
Glic-bhriathrach nan cainnt
Mean-bheachdach sean-eòlach
A' toirt seòladh don chloinn
An Eilean Uibhist mo rùin
Far am faic mi mnathan uasal
Aoigheil, uallachan, trang
Tha ro-ainmeil uan stòltachd
'S an gnìomh dòigheil nan làimh
An Eilean Uibhist mo rùin
Tha coibhneas is bàigh
'Gabhail àit' ann an com
Gach neach a chaidh àrach
Fo sgàile nam beann
An Eilean Uibhist mo rùin
Bi aoigheachd is fàilte
Gu bràth feadh nan gleann
Fad 's a bhuaileas air tràigh
Boinne sàile nan tonn
An Eilean Uibhist mo rùin
'S e slàn leis na dh'fhàg mi
Bheir mo dhàn-sa gu ceann
'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean
'S le m' phàrantan thall
An Eilean Uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nan beann
Eilean Uibhist mo rùin
B'e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nan beann
Eilean Uibhist mo rùin
B'e mo dhùrachd bhith ann
An Eilean Uibhist mo rùin
Written by: Macdonald, Maclellan