Testi

Dh'èirich mi moch latha na fèille Is trom mo cheum 's cho neònach e, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Buntàta ùr is truinnsear maoraich Chuir mo ghaol gu bòrd agam, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Dh'fhalbh mi leis an damh bheag lachdann Feuch am faighinn dròbhair dha, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Dh'fhuirich mi gu beul na h-oidhch' 'S cha robh a' phrìs a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Shuidh mi ann an gleannan fraoich Ri taobh fear de na dròbhairean, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Nuair chunnaic mi na bha gam ionnsaigh Chuir iad cùram mòr orm, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Thàinig fear airgead nam bochd Is poca beag Marroc' aige, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Mura pàigh thu mi sa mhionaid Cha bhi idir bhòt agad, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Thàinig Marsanta na Mine Litrichean na dhòrn aige, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Labhair e 's a ghuth air chrith A bheil dad idir dhòmhs' agad? O Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Thàinig Marsanta na Tì 'S dha-rìribh cha do chòrd e rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Thug thu riarachadh do chàich Ged nach eil fàirdean dhòmhs' agad, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o Hoireann ò ro huraibh ò
Writer(s): Charlie Stewart, Donald Shaw, Innes White, Kim Carnie, Traditional Traditional Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out