ミュージックビデオ

クレジット

PERFORMING ARTISTS
Donnie Munro
Donnie Munro
Performer
COMPOSITION & LYRICS
C. MacDonald
C. MacDonald
Composer
R. MacDonald
R. MacDonald
Composer

歌詞

Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith Chan eil an sneachd fada bhuainn Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte Tha an oidhche a-nochd fuar Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith Chan eil an sneachd fada bhuainn Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte Tha an oidhche a-nochd fuar Shaoilean fhèin gur ann an-dè Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh Fad an fheasgair air an Dùn 'S tu laighe leisg ri mo thaobh 'S iomadh oidhch' a rinn sinn suirghe 'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir' 'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth Chan fhan a' ghrian fad na bliadhna Cha sheas an uair mar a tha i Dh'fhalbh thusa gun a' Cheò 'S dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh 'S iomadh oidhch' a rinn sinn suirghe 'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir' 'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith Chan eil an sneachd fada bhuainn Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte Tha an oidhche a-nochd fuar Tha an oidhche a-nochd fuar Tha an oidhche a-nochd fuar
Writer(s): Rory Macdonald, Calum Mac Donald Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out