album cover
album cover
Alba은(는) {albumName} 앨범에 수록된 곡으로 2026년 5월 15일일에 Independent에서 발매되었습니다.Gun | Alba - Single
2026년 5월 15일
라벨Independent
언어English
BPM130
멜로디에 강한 음악
어쿠스틱 악기 중심
발랑스
춤추기 좋은 음악
에너지

가사

Air sgiath a' seòladh nan neòil
'S an domhain liath
Mar dhealbh a' tighinn beò tro na sgòthan
'S mi tilleadh gu tìr
Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mòintich
Nan coilltean 's nan gleann
Alba, Alba
Alba, Alba
Ach 's e sealladh leòinte is gann
'N seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis
Cuibhlean stòlda mu dheas
Na fàsaichean a tuath
An taigh mòr falamh an Dùn Èideann
Gun chùmhachd gun ghuth
Alba, Alba
Alba, Alba
Sibhse chuir achadh ri achadh
Taigh ri taigh
Gus nach bi àit' anns an tìr
An gabh sibh còmhnaidh air leth
Ach 's math dhomh bhith seo an-dràst'
A' cur fàilt' air a' bhlàths
San tìr tha cho ùr dhomh an-diugh
Is a bha i nuair bha mi nam phàist'
Alba, Alba
Alba, Alba
Written by: Colin Stone
instagramSharePathic_arrow_out􀆄 copy􀐅􀋲

Loading...