Vídeo de música

Créditos

PERFORMING ARTISTS
Mànran
Mànran
Performer
COMPOSITION & LYRICS
Mànran
Mànran
Composer
C. MacDonald
C. MacDonald
Composer
R. MacDonald
R. MacDonald
Songwriter

Letra

Tha sàmhradh bliadhna eile air tighinn Ach cha thog mo ghrian an àird Mo chasan trom 's iad 'g iarraidh dhachaidh 'S m'inntinn dol mu'n cuairt Tha mi falainn, tha mi òg Ach lag 's mi bàthadh gun do phòg Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Bho àm gu àm bi mise a'coiseachd Nam ònrachd sìos an t-sràid Mi smuaineachadh air abhainn fhada Tha laighe fad' bhon rathad Si gu bhi làn le bric a' snàmh 'S tachas dian na mo làimh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Nuair a thuiteas oidhche orm 'Se am is miosa a tha'nn Mise laighe na mo leabaidh 'S thusa na mo cheann Cha bhiodh an sàmhradh cheart cho doirbh 'S tu nad shìneadh ri mo thaobh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Writer(s): Calum Mac Donald Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out