Music Video

Mànran - Latha Math
Watch {trackName} music video by {artistName}

Featured In

Credits

PERFORMING ARTISTS
Mànran
Mànran
Performer
Phil Cunningham
Phil Cunningham
Keyboards
COMPOSITION & LYRICS
Norrie MacIver
Norrie MacIver
Songwriter

Lyrics

Ag èirigh tràth anns a' mhadainn A' ghrian a' deàrrsadh sìos Tha àile na mara a' tighinn tron uinneig Tha h-uile duin' an àirde Tha an abhainn làn le pailteas uisge Tha am bradan a' tighinn a-rithist Tha na balaich bheaga shios air an drochaid Feuch an glac iad aon no dhà Latha math air an Eilean Eilean Leòdhais mo Ghràidh Latha math air an Eilean Dachaigh mo smuaintean gu bràth Tha an t-Earrach ann 's na làithean fada Tha na h-uain a' ruith mun cuairt Tha na bodaich a-muigh a' buain na mònach Tha an t-àm sin air tighinn a-rithist Latha math air an Eilean Eilean Leòdhais mo Ghràidh Latha math air an Eilean Dachaigh mo smuaintean gu bràth Tha a' ghealach shuas 's a' ghrian na cadal Tha an oidhche nis air tighinn Tha e sàmhach is ciùin tron an Eilean Tha e math a bhith beò Tha e math a bhith beò Latha math air an Eilean Eilean Leòdhais mo Ghràidh Latha math air an Eilean Dachaigh mo smuaintean gu bràth Latha math air an Eilean Eilean Leòdhais mo Ghràidh Latha math air an Eilean Dachaigh mo smuaintean gu bràth Dachaigh mo smuaintean gu bràth
Writer(s): Norrie Maciver Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out