Lyrics

Òladh neo na òladh càch i Biodh i làn aig ceann a' bhùird Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Chunnacas bàt' air an fhairge 'S an làimh dhearg air an stiùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Chunnaic mi dol seach' an caol i 'S badan fraoich 's an t-slait shiùil Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Fhir a chunnaic air an t-sàil i Beannaich an long bhàn 's a criùdh' Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Beannaich a cruinn àrd 's a h-acfhuinn Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin A cuid acraichean 's a siùil Ged a tha mi 'n seo an Colla B' e mo thoil a dhol a Rùm Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Agus as a sin a dh' Uibhist Nan d' fhuair mi mo ghuidhe leam Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin Deoch slàinte le fear an tùir Biodh an deoch seo 'n làimh mo rùin
Writer(s): Trad, Julie Mairi Fowlis, Edward Francis Doorley, John Matthew Doyle Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out