Music Video

Featured In

Credits

PERFORMING ARTISTS
Tide Lines
Tide Lines
Performer
Ross Wilson
Ross Wilson
Keyboards
COMPOSITION & LYRICS
Murdo MacFarlane
Murdo MacFarlane
Composer
Tide Lines
Tide Lines
Arranger
PRODUCTION & ENGINEERING
Ross Wilson
Ross Wilson
Producer

Lyrics

Cha b' e sneachda 's reothadh bho Thuath Cha b' e crannadh geur fuar bho 'n Ear Cha b' e uisge 's gaillean bho 'n Iar Ach an galar a bhlian bho 'n Dheas Blàth, duilleach, stoc agus freumh Cànan mo threubh 's mo shluaigh Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal Bheir a-nuas dhuinn na coinnleirean òr 'S ann caraibh na coinnleirean geal cèir Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin Taigh aire seann chànan a' Ghàidheil 'S e siud o chionn fhad' thuirt an nàmh Ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn, sinn an cànan nan Gàidheal Ged theich i le beath às na ghlinn Ged sgàl an-diugh cluinnt nas moth' O dhùthaich MhicAoidh fada tuath Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bò Gidheadh an eilean an Iar 'Si fhathast ann ciad chàinnt an t'slòigh Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an Cànan nan Gàidheal Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal
Writer(s): Murdo Macfarlane Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out