Müzik Videosu

Breisleach
{artistName} adlı sanatçının {trackName} müzik videosunu izle

Şurada:

Krediler

PERFORMING ARTISTS
Capercaillie
Capercaillie
Performer
COMPOSITION & LYRICS
Aonghas Macneacail
Aonghas Macneacail
Lyrics
Shaw
Shaw
Composer
PRODUCTION & ENGINEERING
Donal Lunny
Donal Lunny
Producer

Şarkı sözleri

Chaidh mi 'n dé dhan choille challtainn Shireadh chnòthan airson biadh Ach 's e bh' air a h-uile geug Ach d' aodann-sa gam thriall Chaidh mi 'n dè gu tràigh a' mhaoraich Lòn de choilleagan a bhuain Nochd a h-uile slige neamhnaid D' àilleachd-sa a luaidh Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda Son do sgiùrsadh as mo cheann H-uile glainne thog mi thaom Do mhaiseachd aist' na deann Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh Thusa ruagadh as le suain Ach cha tug thu cead dhomh cadal Gus an dèanainn duan Dh' iarrainn-sa bhith saor od thòireadh Ach gu bheil sinn roinnt o chèil' Do chumadh bhith an àit' do shamhla Agam bhios an fhèill Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach Bòdhradh chàirdean le do chliù Nuair a thig thu chì iad nach eil Mearachd ann am fhiù Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth Famh is iolair' anns an ruidhl' Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir Mireadh mu an sùil Chì iad mis' is thusa sùgradh Bil ri bil ar n-anail aoint' Cniadachadh mar seo gu sìor le Chèile b' e ar maoin
Writer(s): Aonghas Macneacail, Donald Shaw Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out