Music Video

Featured In

Credits

PERFORMING ARTISTS
Julie Fowlis
Julie Fowlis
Vocals
John McCusker
John McCusker
Fiddle
Kris Drever
Kris Drever
Guitar
COMPOSITION & LYRICS
Julie Fowlis
Julie Fowlis
Lyrics
Traditional
Traditional
Songwriter
Iain MacDonald
Iain MacDonald
Arranger
Kris Drever
Kris Drever
Arranger
PRODUCTION & ENGINEERING
Andy Seward
Andy Seward
Engineer

Lyrics

Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein Nuair bha 'n ialtag anns na speuran Chualaim rìbhinn òg 's i deurach 'Seinn fo sgàil nan geugan uain' Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh 'S reult cha d' èirich anns an iarmailt Nuair a sheinn an òigh gu cianai "Tha mo ghaol air àird a' chuain" Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling 'S lùb am braon gu caoin na flùrain Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh Beatha 's ùrachd do gach cluan Ghleus an nighneag fonn a h-òrain Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos 'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh "Tha mo ghaol air àird a' chuain" Chiar an latha is dheàrrs' na reultan Sheòl an rè measg neul nan speuran Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh 'S cha robh dèigh air tàmh no suain Theann mi faisg air reult nan òg-bhean Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh O bu bhinn a caoidhrean brònach "Tha mo ghaol air àird a' chuain" Rinn an ceòl le deòin mo thàladh Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul 'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh "Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain" Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i "Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain"
Writer(s): Kris John Robert Drever, Iain Macdonald, Julie Mairi Fowlis Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out